Brian Ó hEadhra, Carol Main (Live Music Now Scotland), Tom Besford (English Folk Expo), Catriona Hawksworth (Creative Scotland), Tina Rees (Traditional Music Forum)īha na panailean, bùthan-obrach is còmhraidhean gu math inntinneach agus bha e math a bhith cluinntinn mu dheidhinn suidheachaidhean eile far a bheil daoine a’ feuchainn an cultar is ealain tradaiseanta aca a dhìonadh is leasachadh. Thàinig barrachd na seasgad daoine bho air feadh an Roinn Eòrpa còmhla airson bruidhinn mu staid na h-ealain tradaiseanta agus ciamar a b’ urrainn dhuinn a bhith ag obair nas dlùithe ri chèile airson mathas nar n-ealain diofraichte. Tha mi air a bhith aig co-labhairt Lìonradh Folk Eòrpa ann an Catalòinia far a bheil fèill reic chiùil Fira Mediterrania sa bhaile Manresa faisg air am mainistir ainmeil Montserrat. Tha mi nam shuidhe aig port-adhair Barcelona a’ feitheamh airson itealan dhachaigh gu Inbhir Nis (tro Lunnainn).
0 Comments
Leave a Reply. |